"Piseach a dhìth" air seirbheisean adhair nan Eilean

Plèana Saab
Image caption Chaidh gearradh a thoirt air an t-seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Beinn nam Fadhla ann an 2013.

Tha ball-parlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, a' cur ìmpidh air Comhairle nan Eilean Siar na seirbheisean adhair eadar na h-Eileanan a chaidh a ghearradh a thilleadh.

Tha dragh air gu sònraichte mun bhuaidh a tha dìth sheirbheisean tron t-seachdain a' toirt air seirbheisean slàinte nan Eilean.

Ann an 2013, gheàrr Comhairle nan Eilean Siar seirbheisean adhair eadar Beinn nam Fadhla is Steòrnabhagh bho chòig là san t-seachdain gu trì, agus aca ri airgead a shàbhaladh.

Chan eil seirbheis ann a-nis Diluain air neo Dihaoine.

Buaidh air slàinte

Tha Mgr MacNèill ag ràdh gu bheil boireannaich ann an Uibhist aig a bheil dùil ri leanabh air tighinn thuige, 's aca ri siubhal a dh'Inbhir Nis airson sgan fhaighinn.

Bha an suidheachadh na bu mhiosa dhaibh, thuirt e, leis nach robh seirbheis ann gu ruige Steòrnabhaigh air an là a dh'fheumadh iad siubhal.

Tha Mgr MacNèill ag ràdh gu bheil seo a' togail cheistean an dà chuid mun Bhòrd Shlàinte agus mun Chomhairle.

"Nochd dà cheist - carson nach robh roinn na slàinte a' toirt na seirbheis dhaibh ann an Uibhist agus, ma bha aca ri siubhal, a dhol a dh'Inbhir Nis, bha e gu math follaiseach nach robh e furasta air sgàth 's gun robh a' Chomhairle a' faicinn iomchaidh seirbheis a ghearradh 's gin tuigse air dè a' bhuaidh a bhiodh aig an sin air a' choimhearsnachd," thuirt e.

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil sonographer a' dol a dh'Uibhist uair san t-seachdain.

Tha Comhairle nan Eilean Siar mar thà a' coimhead ri tuilleadh sheirbheisean adhair a stèidheachadh às ùr eadar na h-Eileanan, ach tha iad ag ràdh nach urrainn dhaibh sin a dhèanamh gus an tòisich cùmhnant ùr ann an 2017.

Tha Còmhdhail na h-Alba cuideachd ag ràdh gur ann fon chùmhnant ùr a bu chòir atharrachadh a thighinn air na seirbheisean adhair.

Thuirt Mgr MacNèill gum biodh e na b' fheàrr nam biodh seirbheisean adhair eadar na h-Eileanan fo smachd an Riaghaltais Albannaich, mar a tha seirbheisean aiseig, seach ann an làmhan na Comhairle.

Tuilleadh air an sgeulachd seo