Google na Gàidhlig

Published
image copyrightGetty Images
image captionChan fhaighear air an goireas a chleachdadh fhathast, ach faodar abairtean eadar-theangachadh gus cur ri stòras a' chànain ann an Google aig an ìre seo.

Tha a' Ghàidhlig a-nis am measg nan cànanan a ghabhas eadar-theangachadh tro sheirbheis Google Translate.

Tha a' chompanaidh a' gabhail ri eadar-theangachaidhean dhan chànan, às dèidh dhaibh a bhith a' bruidhinn ris an eòlaiche an t-Oll. Uilleam Lamb aig Oilthigh Dhùn Èideann.

Bhruidhinn e riutha às dèidh dhan bhall Tòraidheach ann am Pàrlamaid na h-Alba, Murchadh Friseal, ceist a thogail mu carson nach robh a' Ghàidhlig am measg chànanan Google.

Chan fhaighear air a chleachdadh fhathast, ach tha cothrom ann abairtean eadar-theangachadh gus stòras fhaclan a' chànain a thogail.

Fhuair Iain MacIllEathain facal air an Oll. Lamb...

media captionAn t-Oll. Will Lamb a' bruidhinn ri Iain MacIllEathain mun Ghàidhlig a bhith air Google Translate.

Tha cuid diombach dha-rìribh mu dheidhinn seo ge-tà.

Tha Mìcheal Bauer, a tha e fhèin air mòran obrach a dhèanamh leis a' Ghàidhlig air loidhne, gu dubh an aghaidh a' phlana.

Dh'fhaighnich Iain MacIllEathain dha co-dhiù 's e gu bheil e fhèin ag obair mar eadar-theangaire as coireach gu bheil e na aghaidh...

media captionMìcheal Bauer a' bruidhinn ri Iain MacIllEathain mun Ghàidhlig a bhith air Google Translate.