Tubaist choidse an Earra-Ghàidheal

Làrach na tubaiste Image copyright MARGARET MARSHALL
Image caption Thachair an tubaist mu 2:10f, agus thathas a' tuigsinn gu bheil grunnan dhaoine air na goirteachadh.

Tha 23 duine san ospadal an dèidh mar a thàinig coidse far an A83 aig an Rest and Be Thankful ann am Meadhan Earra-Ghàidheal feasgar Diardaoin.

Chaidh an coidse mu 30 troigh le bruaich, a' tighinn gu stad ri taobh locha.

Bha mu 50 duine air bòrd, agus chaidh 23 dhiubh sin a thoirt dhan ospadal 's iad air an goirteachadh. Thathas a' tuigsinn nach eil duine aca ann an cunnart am beatha.

Thachair an tubaist mu 2:10f.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba gun deach sgiobannan a chur chun na làraich bho Cheann Loch Gilp, an t-Àrchar agus Inbhir Aora, a thuilleadh air poilis agus luchd-eiridinn.

Tha cuideachd dà heileacoptair teasairginn leis na feachdan armaichte gan cur ann.

Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu na thachair tighinn air adhart.