£550,000 do chànanan ann an sgoiltean

Sgoil
Image caption Chuir Riaghaltas na h-Alba romhpa modal chànanan 1+2 an Aonaidh Eòrpaich a chur an sàs ro 2020.

Gheibh sgoiltean air Ghàidhealtachd, an Earra-Ghàidheal is Bòd, agus ann am Moireibh, còrr is £550,000 de thaic-airgid airson ionnsachadh chànanan a bhrosnachadh.

Tha seo mar phàirt de chòrr is £7m a tha a' tighinn bho Riaghaltas na h-Alba.

Thuirt Ministear an Ionnsachaidh 's Chànanan na h-Alba, an Dr Alasdair Allan, gun toireadh am maoineachadh modal chànanan 1+2 an Aonaidh Eòrpaich a-steach, a tha Riaghaltas na h-Alba air a chur romhpa a chur an sàs ann an sgoiltean na dùthcha ro 2020.

Tha e a' ciallachadh gun tòisich a h-uile bun-sgoilear air dàrna cànan ionnsachadh ann am Prìomh 1, agus an treas cànan ann am Prìomh 5 aig a' char as anmoiche.

Fàgaidh sin Alba a' tighinn a rèir iomadh dùthaich Eòrpach eile far an ionnsaichear dàrna cànan tràth, agus far a bheil e cumanta trì cànanan ionnsachadh.

'S iad na h-ùghdarrasan ionadail fhèin a cho-dhùineas dè na cànanan a thèid a thabhainn ann an sgoiltean, agus mar a thèid an t-airgead a chosg.

Dh'fhaodadh gun cosgar an t-airgead air tidsearan bun-sgoile a thrèanadh, no air tuilleadh luchd-taice cànain fhastadh.

Tha an Dr Allan gun cuir ionnsachadh cànain ri leasachadh inntinne na cloinne, agus gun toir e sgilean dhaibh a tha a dhìth orra san t-saoghal obrach eadar-nàiseanta.