Rabhadh an dèidh do chaidheagan car a chur

Bàta-teasairginn
Image caption Thugadh an dithis a dh'Ospadal Phort Rìgh le bàta-teasairginn an RNLI.

Tha na Maoir-chladaich ag iarraidh air daoine a thèid a-mach ann an caidheagan air a' mhuir ullachadh ceart a dhèanamh ro-làimh.

Tha seo an dèidh mar a chaidh cobhair a dhèanamh air dithis fhireannach a bh' ann an caidheagan a chuir car 's iad ag iomramh eadar Ratharsair agus an t-Eilean Sgitheanach oidhche Dhòmhnaich.

Dh'fhalbh na fir, a tha nam 20an, à Bàgh a' Chlachain ann an Ratharsair, a' dèanamh thar na Clàraich chun a' Bhràighe san Eilean Sgitheanach, mu mhìle air falbh, mu 8:00f.

Chuir na caidheagan aca car, agus a' ghaoth a' ruighinn 40 m.s.u.

Chuir màthair aon de na fir fios air na seirbheisean èiginn air 999, ag ràdh nach robh sgeul orra, agus lorg i iad i fhèin an uair sin air cladach a' Bhràighe.

Thathas a' tuigsinn gun robh iad "gu math fuar" agus thugadh a dh'Ospadal Phort Rìgh iad le bàta-teasairginn an RNLI.

Thuirt Manaidsear Faire Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh, Martin Collins, gun robh iad air a bhith gu math fortannach, agus dh'iarr e air duine sam bith a thèid a-mach ann an caidheag mhara a dhèanamh cinnteach air an aimsir agus staid an làin, seacaid sàbhalaidh a bhith orra, a thuilleadh air lasairean-boillsg, agus 's dòcha leus-luirg èiginneach.