Cobhair air boireannach air Abhainn Spithein
- Air fhoillseachadh
Rinn Sgioba Teasairginn Bheanntan Loch Abair cobhair air boireannach feasgar Didòmhnaich an dèidh dhi a druim a ghoirteachadh 's i ann an caidheag air Abhainn Spithein.
Chaidh am boireannach, a tha na 20an, a thoirt a dh'Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan le heileacoptair teasairginn 137 Sea King an RAF.
Tha dùil gur e seo tè de na h-iomairtean teasairginn mu dheireadh a nì na heileacoptairean Sea King, 's iad gan toirt a-mach à seirbheis an ceann beagan làithean.
Tha cùmhnantaichean prìobhaideach gam fastadh airson an t-seirbheis a thoirt seachad bho thoiseach a' Ghiblein.