Stailc aig HIAL

  • Air fhoillseachadh
Tèarainteachd phuirt-adhairTùs an deilbh, Thinkstock
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an luchd-obrach tèarainteachd mì-thoilichte mu thuarastal agus cùmhnantan-obrach.

Dh'aidich Àrd-Stiùiriche Puirt-Adhair na Gàidhealteachd is nan Eilean (HIAL), Inglis Lyon, gum bi e doirbh dhan chompanaidh ma bhios stailc ann le luchd-obrach tèarainteachd an ath-sheachdain, ach gun dèan iad a' chùis.

Bheir an stailc buaidh air 11 phort-adhair: Inbhir Nis, Steòrnabhagh, Barraigh, Tiorodh is Ìle nam measg.

Dh'innis an t-aonadh Prospect, a tha a' riochdachadh cuid de luchd-obrach tèarainteachd HIAL Dihaoine gun robh na buill aca a' dol air stailc, a' tòiseachadh aig meadhan là seachdain Dimàirt.

Tha iad mì-thoilichte mu thuarastal agus mu chùmhnantan-obrach.

Thuirt Stiùiriche HIAL, Inglis Lyon, gum bi an stailc na dùbhlan, ach thuirt e gun tig a' mhòr-chuid de luchd-obrach a dh'obair, is gu bheil manaidsearan air trèanadh fhaighinn gus obair tèarainteachd a dhèanamh.

Tha iad a' creidsinn, thuirt e, gun obraich gnothaichean mar as àbhaist, agus gu bheil teansa ann fhathast gun tèid an stailc a chur dheth.

Thèid an gnothach a thogail aig Holyrood Diluain leis a' BhPA Làbarach airson na Gàidhealtachd, Dàibhidh Stiùbhairt.

Cuiridh e ceist air Ministear na Còmdhail, Derek MacAoidh, a dh'iarraidh gun tèid an gnothach a rèiteach sa bhad.