Dachaigh chùraim fhathast dùinte

  • Air fhoillseachadh
Dachaigh chùraim
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh innse an toiseach gum fosgladh an t-ionad sia seachdainnean às dèidh dha dùnadh, agus rannsachadh a' dol air adhart.

Chaidh Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd a chàineadh leis nach eil dachaigh chùraim ann am Malaig air fosgladh às ùr fhathast, ochd mìosan às dèidh dhi dùnadh gu h-eadar-amail.

Tha teaghlaichean luchd-còmhnaidh ag ràdh nach eil Bòrd na Slàinte a' cumail fiosrachaidh riutha mu shuidheachadh Ionad Mhic an Tòisich.

Chaidh an t-ionad a dhùnadh san t-Samhradh an-uiridh agus casaidean air nochdadh mu "dhroch chleachdaidhean" am measg luchd-obrach.

Chaidh an seachdnar sheann daoine a bha a' fuireach ann a ghluasad dhan Ghearasdan, is Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd ag ràdh gum fosgladh ionad Mhalaig ann an sia seachdainean às dèidh rannsachaidh mu luchd-obrach.

Tha teaghlaichean an luchd-còmhnaidh ag ràdh gu bheil an suidheachadh na uallach dhaibhsan agus dhan luchd-còmhaidh fhèin.

Thuirt Bòrd na Slàinte gu bheil rannsachadh mu dhithis den luchd-obrach aig Ionad Mhic an Tòisich a' leantainn.

Thuirt iad gu bheil iad a' cumail orra le luchd-obrach a bharrachd fhastadh agus a thrèanadh gus am bi e comasach dhaibh an dachaigh fhosgladh às ùr is gu bheil iad ag amas air sin a dhèanamh an ath-mhìos.