Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 Am Màrt 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iomairt an Taghaidh

Gheall Ceannard nan Làbarach an Alba, Jim Murphy, nach biodh an còrr feum air bancaichean bìdhe, agus e ag innse mu phlana airson stòras an aghaidh bochdainn de £175m. Thuirt Mgr Murphy, agus e ann an Dùn Èideann air an dàrna là de dh'iomairt an taghaidh, gum pàigheadh na Làbaraich airson sin le cur às do Chìs nan Seòmraichean-leapa.

Dh'fhàg Ceannard nan Tòraidhean an Alba, Ruth Davidson, air an SNP gun do mheall iad feadhainn a tha a' ceannach dachaigh leis a' chìs fearainn agus togalaich a chuir iad an àite na Cìse Stampa.

Agus thuirt Ceannard an SNP, Nicola Sturgeon, nach cuir am pàrtaidh taic idir ri ùrachadh air Trident nam biodh aonta aca leis na Làbaraich.

Tha connspaid anns na h-Eileanan an Iar mu na cuspairean a bu chòir a bhith ann an iomairt an taghaidh. Gheall Làbaraich nan Eilean Siar aiseag làn-ùine stèidhichte eadar Loch Baghasdail agus Malaig, agus ath-leasachadh air bòrd-stiùiridh Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn. Ach tha na pàrtaidhean eile gan càineadh airson cuspairean a thogail a tha fo smachd Phàrlamaid na h-Alba, agus nach buin do thaghadh Westminster.

Na Poilis

Thuirt a' bhuidheann a tha a' cumail sùil air obair nam Poileas gum feumar còd-obrach a stèidheachadh le ùghdarras an lagha airson smachd a chumail air a' phoileasaidh chonnspaidich fo am bi na Poilis a' stad agus a' ceasnachadh dhaoine. Thuirt Àrd-Sgrùdaiche nam Poileas gun toireadh sin gealltanas dhan t-sluagh, agus stiùireadh nas soilleire dha na Poilis.

Eaconamaidh Bhreatainn

Tha àireamhan ùra ag ràdh gun tàinig fàs de 2.8% air an eaconamaidh an-uiridh - sin 0.2% nas motha na a' chiad tomhas a bh' ann. Bha fàs de 0.6% ann air na trì mìosan mu dheireadh ann an 2014.

B&Q

Thuirt a' chompanaidh Kingfisher, dham buin na bùithdean DIY B&Q gu bheil iad a' dùnadh 60 bùth thar dà bhliadhna mar phàirt de dh'atharrachadh air structar. Thuirt Kingfisher gu bheil an stòr aca ann an Dùn Dè am measg na dhùineas.

Fiosrachadh Pearsanta Slàinte

Nì Coimiseanair an Fhiosrachaidh rannsachadh air aithrisean às ùr gun deach fiosrachadh pearsanta mu shlàinte dhaoine a reic. Tha aithris anns an Daily Mail an-diugh gu bheil companaidhean a' reic fiosrachaidh mheadaigich ri companaidhean eile a tha an uair sin ga chleachdadh mar inneal airson margaidheachd.

Dachaigh Chùraim Mhalaig

Tha dragh ann am Malaig gu bheil dachaigh chùraim anns a' bhaile a dhùin air an t-Samhradh an-uiridh airson rannsachadh mu luchd-obrach fhathast dùinte. Chaidh innse aig an àm gum biodh Ionad Mhic an Tòisich dùinte airson sia seachdainnean fhad 's a bha rannsachadh ann mu chasaidean an aghaidh luchd-obrach. Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gu bheil an rannsachadh sin a' dol air adhart fhathast, ach gu bheil ag amas air an dachaigh fhosgladh às ùr air an ath-mhìos.