Itealan a' làighe an èiginn an Obar Dheathain

Port-Adhair Eadar-Nàiseanta Obar Dheathain
Image caption Bha an t-itealan a' sgèith eadar Obar Dheathain agus Inbhir Ùige le còignear e luchd-siubhail agus triùir de chriutha air bòrd.

Thàinig air itealan a bha a' sgèith eadar Obar Dheathain is Inbhir Ùige tilleadh a dh'Obar Dheathain Dimàirt ri linn trioblaid leis an einnseinn.

Dhùin am pìleat air an t-seirbheis le Eastern Airways an t-einnseinn, agus thill e a dh'Obar Dheathain, far an robh na seirbheisean èiginneach a' feitheamh. Thàinig am plèana na làighe gu sàbhailte, goirid ro 10:00m.

Bha còignear luchd-siubhail agus triùir de chriutha air bòrd.

Thuirt labhraiche do Eastern Airways: "Thill an caiptean a bha air stiùir na seirbheis T3 561 à Obar Dheathain a dh'Inbhir Ùige a dh'Obar Dheathain goirid an dèidh dha Obar Dheathain fhàgail, ri linn trioblaid le tè den dà einnseinn air an itealan.

"Airson sàbhailteachd, cho-dhùin an caiptean an t-einnseinn leis an robh trioblaid a dhùnadh.

"Thàinig an Jetstream 41 na làighe gu sàbhailte.

"Mar phàirt de na pròisasan againn, tha sinn air rannsachadh a chur air chois. Dh'iarramaid air ar luchd-siubhail ar leisgeul a ghabhail airson buaidh na trioblaid seo, ach 's e sàbhailteachd ar luchd-siubhail 's ar criuthaichean as cudromaiche."