Cead ga mholadh do thuathanas eisir

  • Air fhoillseachadh
EisirTùs an deilbh, AP
Fo-thiotal an deilbh,
Tha a' chompanaidh ag ràdh gun cumadh an sgeama cosnadh ri dithis no triùir san sgìre, ach tha dragh ann mun bhuaidh air an àrainneachd agus air na rathaidean.

Thèid iarraidh air comhairlichean na Gàidhealtachd Diciadain cead-dealbhachaidh a thoirt do thuathanas eisir connspaideach ann am Mùideart.

Tha a' chompanaidh Measan na Mara Eta airson leudachadh agus leasachadh mòr a dhèanamh air an làraich aca air Loch Mhùideirt.

Tha am pròiseact a leth uimhir nas lugha na bha e nuair a chaidh cead a dhiùltadh dhaibh as t-Fhoghair seo chaidh.

Tha a' chompanaidh airson fear de na tuathanasan eisir as motha de a sheòrsa an Alba a stèidheachadh air Loch Mhùideirt.

Rathaidean

Bhiodh 10,000 frèama neo "trestle" na chois.

Dhiùlt Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas cead-dealbhachaidh an-uiridh do phròiseact anns am biodh 16,000 trestle.

Bha comhairlichean den bheachd gum biodh buaidh uabhasach aige air an àrainneachd agus fiadh-bheatha an locha.

Tha oifigearan na Comhairle a' moladh cead a thoirt dhan phròiseact nas bige.

Tha comhairle coimhearsnachd Ath Tharracail air cur na aghaidh ge-tà.

Tha dragh orra nach eil na rathaidean freagarrach airson a leithid agus gum biodh ùpraid ann a là agus a dh'oidhche.

Thuirt a' chompanaidh ge-tà, gun cumadh e cosnadh ri dithis neo triùir san sgìre.