Toradh an uisge-bheatha air tuiteam
- Published
Thuit luach na chaidh a reic de dh'uisge-bheatha Albannach a-null thairis an-uiridh 7%.
B' e seo a' chiad turas ann an deich bliadhna nach robh fàs sa mhargaidh eadar-nàiseanta.
Chaidh còrr is 1,000,000 botal de dh'uisge-bheatha Albannach a chur a-null thairis ann an 2014.
Thuit luach na chaidh a reic ge-tà, 7% an taca ri 2013 gu beagan nas lugha na £4bn.
A thaobh nam prìomh mhargaidhean, bha an Fhraing beagan na bu làidire na bha, ach bha luach a' mhargaidh anns na Stàitean Aonaichte sìos 9%.
Bha lùghdachadh ann a thaobh Singapore ach bha gnothaichean làidir ann an Taiwan agus anns na h-Eimiridean Aonaichte Arabach.
Thuirt Comann an Uisge-Bheatha gu bheil na figearan a' sealltainn gum feum an gnìomhachas cumail orra le oidhirpean na margaidhean aca a neartachadh.
Thuirt iad ge-tà, gu bheil bunait fìor làidir aca is gu bheil iarrtas mòr ann gu h-eadar-nàiseanta 'son na tha iad a' reic.