Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iomairt an Taghaidh

Tha Seansalair nan Làbarach, Ed Balls, agus Ceannard nan Libearalach-Deamocratach, Nick Clegg, an Alba an-diugh mar phàirt de dh'iomairt an taghaidh, 's iad a-mach air cosnadh agus an eaconamaidh. Bidh an SNP a' gealltainn gearradh air Cìs a' VAT do sheirbheisean èiginn, agus na Tòraidhean ann an Alba gu bhith a' bruidhinn air ceartas.

Na bu tràithe an-diugh chuir còrr is 100 ceannard gnìomhachais an ainm ri litir a tha a' moladh poileasaidh eaconamaich nan Tòraidhean. Tha iad ag ràdh an sin gum biodh e cunnartach a-niste an cùrsa atharrachadh. Tha na Làbaraich ag ràdh nach eil dad às ùr anns an litir.

Ionmhas na h-Alba

Thuirt Ceannard Libearalach-Deamocratach na h-Alba, Willie Rennie, nach seasadh Alba idir ri làn-smachd air a cùisean ionmhais fhèin, agus gur e ceum eile a bhiodh ann gu ruige neo-eisimeileachd. Bidh deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh air an t-seòrsa smachd air ionmhas a tha an SNP ag iarraidh. Thuirt Mgr Rennie gum fàgadh sin cus uallaich air muinntir na h-Alba, leis gun cuireadh e, thuirt e, £800 a bharrachd de chìsean air a h-uile duine an Alba.

Nigeria

Thuirt Muhammadu Buhari, a shoirbhich ann an taghadh a' Chinn-Suidhe ann an Nigeria gur e dearbhadh a tha sin gu bheil an dùthaich air gabhail ri deamocrasaidh. Bha dà mhillean bhòt a bharrachd aige air a' Cheann-Suidhe a bh' ann, Goodluck Jonathan, agus tha coltas ann, le àireamh cho mòr sin, nach bi tagradh laghail ann mun cho-dhùnadh.

Clàr-ama a' Bhathair

Tha dragh ann an Leòdhas mu chlàr-ama ùr na seirbeis bathair eadar Steòrnabhagh agus Ulapul. Tha companaidhean ag ràdh gu bheil an clàr-ama ùr a' ciallachadh nach ruig mòran den bhathair Steòrnabhagh gu feasgar seach tràth sa mhadainn. Thuirt Caldeonian Mac a' Bhriuthainn gu bheil iad fhèin agus Còmhdhail Alba air clàr-ama ullachadh airson dà sheirbheis gach là do luchd-siubhail agus seirbheis bathair.

HIAL

Leanaidh an còmhradh an-diugh eadar HIAL - a' chompanaidh a tha a' ruith phort-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean, agus an t-aonadh Prospect. Tha luchd-obrach tèarainteachd am beachd a dhol air stailc airson dà là an ath-sheachdain, agus iad ag iarraidh àrdachadh pàighidh agus cothromachd nan cùmhnantan-obrach. Tha HIAL air a bhith ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh cus.

Dh'iarr Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid taic-airgid bho Riaghaltas Westminster airson tòiseachadh air seirbheisean-adhair às ùr eadar an t-Òban, Glaschu agus Barraigh. Tha a' Chomhairle den bheachd gun cuireadh na seirbheisean sin gu mòr ri leasachadh eaconamach na sgìre.