Còmhraidhean le HIAL
- Air fhoillseachadh
Tha dùil gun cùm Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) còmhraidhean le ceannardan aonaidh is eus-aonta ann mu phàigheadh.
Bhòt buill de Phospect aig AMSL, companaidh a tha mar phàirt de HIAL, airson a dhol air stailc bho mheadhan-là air an 7mh den Ghiblean.
Thuirt an t-aonadh gur e pàigheadh agus cumhaidhean nas fheàrr a tha an luchd-obrach ag iarraidh.
Thuirt HIAL gum bi an 11 phort-adhair aca air an ruith mar as àbhaist ma thèid an stailc air adhart.
Tha HIAL, a bhuineas do Riaghaltas na h-Alba, a' ruith phort-adhair ann an Innse Gall, Arcaibh is Sealtainn, Earra-Ghàidheal, Inbhir Ùige agus Dùn Dè.
Tha Prospect ag iarraidh àrdachadh pàighidh de 5%, na h-aon chumhaidhean ri HIAL, agus co-ionnanachd le luchd-obrach Sumburgh ann an Sealtainn, a tha a' cosnadh barrachd.
Thuirt HIAL gu bheil cosgaisean nas motha air daoine anns na h-eileanan agus gu bheil gnìomhachas na h-ola air tuarasdail a chur an àirde ann an Sealtainn.
Bha HIAL ag ràdh nach eil e reusanta àrdachadh de 5% iarraidh.