Amar-snàimh Inbhir Nis dùinte

Ionad Spòrs Inbhir Nis Image copyright Mike Pennington/Geograph
Image caption Thuirt fear-labhairt nach bu chòir gun toir seo buaidh air daoine a chleachdas an còrr den togalach.

Chan eil fios cinnteach ann fhathast cuin a dh'fhosglas an t-amar-snàimh as motha air a' Ghàidhealtachd às ùr.

Chaidh Ionad Snàimh is Spòrs Inbhir Nis a dhùnadh agus dragh ann mu shàbhailteachd.

Tha còrr 's millean duine a' frithealadh an ionad, air taobh siar bhaile Inbhir Nis, gach bliadhna.

Tha iad an-dràsta a' leudachadh agus a' leasachadh an amar snàimh a tha na chois.

Ach tha ceist a-niste ann mu shàbhailteachd an togalaich. An dèidh sgrùdaidh, dh'innis eòlaiche togail gu bheil cunnart ann gun tuit uinneag ma bhios gaoth làidir ann.

Thuirt fear-labhairt bhon ionad nach robh roghainn eile aca ach an t-àite a dhùnadh air adhbharan sàbhailteachd.

Dh'innis e nach e ach co-dhùnadh san eadar-ama a tha seo gus an tèid a chàradh.

Thuirt e cuideachd nach bu chòir gun toir e buaidh mhòr air an fheadhainn a tha a' cleachdadh a' chòrr den togalach.

Tha duil gum fuirich an t-ionad dùinte thar saor-làithean na Càisge.