"Èiginn" aig Port-adhair Inbhir Nis
- Published
Chaidh suidheachadh èiginneach a ghairm aig Port-adhair Inbhir Nis is trioblaid ann le plèana.
Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm chun a' phuirt-adhair mu 06:45 Dihaoine.
Fhuair am plèana air laighe gu sàbhailte ge-tà.
Cha deach innse fhathast dè am plèana aig an robh duilgheadas.