Luaidh ga dhèanamh air càraid

  • Air fhoillseachadh
An Dtr Mairead Anna Rous & Daibhidh RousTùs an deilbh, Other

Tha luaidh ga dhèanamh air dotair teaghlaich, a bha stèidhichte ann an Dùn Dè, agus an duine aice a chaidh a mharbhadh ann an tubaist plèana ann an Earra Ghaidheal.

Chaill an Dtr Mairead Anna Rous, aois 37 bliadhna, agus an t-innleadair Daibhidh Rous, aois 28 bliadhna, am beatha nuair a thàinig an t-itealan beag aca a-nuas air Beinn nan Lus ann an Gleann Chinn Ghlais.

Bha an càraid à Newport-on-Tay a' sgèith am Piper Cherokee à Dùn Dè gu Tiriodh, 's iad airson deireadh sheachdain na Càisg a chuir seachad comhla ri teaghlach Mairead Anna.

Chaidh am plèana a-mach à sealladh an radar mu 1350 feasgar Disathairne agus chaidh iomairt theasargainn a ghairm ann an sgìre os cionn Loch Eite.

Thuirt sgioba Maoir-chladaich an Òbain gu robh i gu math sgòthach feasgar Disathairne, cho ìosal ri 100 meatar, agus mar sin gun do chuir sin bacadh air na heileacoptairean teasairginn.

Bha eòlaichean forensic aig an làraich an-dè agus tha an rannsachadh a' leantainn air dè dìreach a dh' adhbhraich an tubaist.