Seann bhun-sgoil a-nis leis a' choimhearsnachd
- Air fhoillseachadh

Ghabh muinntir Ghleann Dail san Eilean Sgitheanach sealbh oifigeil air tè de sheann bhun-sgoiltean na sgìre.
Dhùin Comhairle na Gàidhealtachd Bun-sgoil Bhoradail ann an 2010, ach tha buidhean leasachaidh ionadail airson 's gum bi an togalach aig cridhe na coimhearsnachd uair eile le goireasan dha muinntir na sgìre agus dha luchd-turais tron bhliadhna.
Tha cead-dealbhachaidh aig Urras Ghleann Dail airson ostail le 16 leabaidh, àite-bidh, goireasan nighe-aodaich agus seòmar-taisbeanaidh.
Cho-dhùin sgrùdadh a rinnear air na planaichean gun gabhadh obair airson seachdar a chruthachadh anns a' ghoireas ùr agus gun cuireadh e £230,000 ris an eaconamaidh ionadail a h-uile bliadhna.
Tha an t-urras a' dèanamh dheth gu cosg an leasachadh suas ri £1.2M.
Ach thuirt Oifigear Leasachaidh Ghleann Dail, Edgar Finlay, gu bheil e misneachail gum faigh iad sin.
"Tha a' phròiseict a' coileanadh amasan buidhnean a bhios a' toirt seachad taic-ionmhais."
"Gheibh a' choimhearsnachd buannachd às, thèid airgead a dhèanamh às agus tha a' choimhearsnachd a' cur taic ris an sgeama," thuirt Mgr Finlay.