Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Stailc

Tha luchd-obrach tèarainteachd aig na puirt adhair roinneil a' tòiseachadh air stailc fad dà latha an ceann uair a shìde. Dh'fhailich air còmhraidhean an t-seachdainn seo chaidh eadar an t-aonadh, Prospect, agus Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean aonta a dhèanamh mu phàigheadh agus cùmhnantan obrach. Thuirt an t-aonadh gu faodadh stailc eile a bhith ann a bharrachd air an stailc seo mur a bidh aonta ann le luchd-stiùiridh.

Taghadh

Tadhlaidh Daibhidh Camhsron air ceithir dùthchannan na Rìoghachd Aonaichte an-diugh a dh'innse do luchd-bhòtaidh gu bheil mìos aca air fhàgail son na h-eaconomaidh a ghleidheadh. Thòisich a' chuairt ann an Dùn Èideann sa mhadainn. Bidh Leas-cheannard nan Libearalach Deamocratach, Sir Malcolm Bruce, a' gealltainn chìsean nas cothromaiche. Bidh ceannard an SNP, Nicola Sturgeon, ag innse mu phlana son dèiligeadh ri bochdainn am measg chloinne, agus tha ceannard nan Làbarach ann an Alba, Jim Murphy, ag innse mar a bheireadh iad tuilleadh chothroman do dh'òigridh. Tha deasbad telebhisein a-nochd eadar ceannardan na ceithir partaidhean poileataigeach as motha ann an Alba. Ach tha am Pàrtaidh Uaine a' gearain nach d'fhuair iad fiathachadh.

Yemen

Thuirt a' Chrois Dhearg gu bheil èiginn ann son cobhair mhediceach do bhaile Aden ann an Yemen. Tha am port aig meadhan cogadh eadar armachd a tha fo smachd Saudi agus na reubaltaich Houthi a tha a' strì an aghaidh Riaghaltas Yemen.

Tikrit

Tha sgioba forensic a' cladhadh uaighean ann an Tikrit ann an Iorac far a bheil amharas gun deach suas ri mìle agus seachd ceud saighdear Ioracach a thiodhlaigeadh an dèidh do fheachdan na Stàit Islamaich am murt san Ògmhìos an-uiridh. Ghabh feachdan an riaghaltais ann an Iorac smachd air an sgìre an rithist bho chionn ghoirid.

Ospadal Phort Rìgh

Chuir corr 's mìle duine an ainm ri ath-chuinge air-loidhne a tha ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba Ospadal Phort Rìgh a ghleidheadh. Chan eil ach trì latha ann bho chuir a' bhuidheann strì NHS SOS an ath-chuinge air-loidhne agus iad ag ràdh gur e mearachd a dhèanadh NHS na Gàidhealtachd seirbheisean ann am Port Rìgh a ghearradh nuair a dh'fhosglas ospadal ùr anns an Ath Leathainn.

Clinton

Tha aithrisean ann an Washington gu faodadh Hillary Clinton innse a dh'aithghearr gu bheil i a' seasamh son dreuchd a' chinn-suidhe. Rinn Barack Obama a' chuis air a' Bhean-phòsta Clinton san taghadh mar thagraiche deamocratach ann an 2008.