Dearbhadh air dùnadh Àrd-Sgoil Lìonail

Sgoil Lìonail
Image caption Thèid a' bhun-sgoil ann an Lìonail a chumail fosgailte, le dìreach an t-earrainn àrd-sgoile a' dùnadh.

Thàinig dearbhadh bho Riaghaltas na h-Alba gun dùin Àrd-Sgoil Lìonail ann an Leòdhas as t-Samhradh.

Chaidh innse nach tèid co-dhùnadh Comhairle nan Eilean Siar an àrd-sgoil dà bhliadhna a dhùnadh a ghairm a-steach.

Thuirt a' Chomhairle gun do chùm iad ris na dleastanasan aca a thaobh foghlaim na cloinne.

'S i sgoil Lìonail, ann an Nis, an sgoil mu dheireadh anns na h-Eileannan an Iar a tha a' tabhainn foghlaim bhon chiad bhliadhna sa bhun-sgoil chun na dàrna bliadhna san àrd-sgoil.

Chaidh co-dhùnadh na bu thràithe den bhliadhna gun dùineadh an àrd-sgoil anns an Ògmhios, le cuid a' cumail a-mach gum faigheadh na sgoilearan cothroman foghlaim nas fheàrr ann an Sgoil MhicNeacail ann a Steòrnabhagh.

Chuir na ceudan dhaoine an aghaidh nam planaichean, 's iad ag ràdh nach biodh e gu maith na cloinne iad a bhith a' siubhail astair cho fada dhan sgoil.

Bha iad cuideachd a' faireachdainn gun toireadh e droch bhuaidh air a' choimhearnsachd ionadail aca.

Thuirt Ceannard an Fhoglaim agus nan Seirbheisean Cloinne aig a' Chomhairle, Catriona Stiùbhart, nach e rud furasta a th' ann sgoil a dhùnadh aig àm sam bith, ach gu bheil i an làn-dùil gum bi e na bhuannachd dha na sgoilearan.