Cunnart maoime-sneachda do cheathrar fhireannach
- Air fhoillseachadh

Chaidh dà bhuidhinn de dh'fhireannach a chàineadh an dèidh dhaibh a dhol a dh'fhaicinn sprùillich bho mhaoim-sneahda gun ach aodach samhraidh orra.
Bha cunnart ann aig an àm gun tigeadh tuilleadh sneachda a-nuas ri linn cho blàth 's a tha an aimsir air a bhith.
Rinn seirbheis fiosrachaidh nam maoimtean-sneachda cuideachd càineadh air dithis eile a chaidh chun na làraich.
Bhathas ag ràdh aig an àm gun robh a' mhaoim-sneachda, a thachair air Creag Meagaidh sa Ghearran, mòr gu leòr airson càr a chur fodha.
Tha an sprùilleach ann fhathast.
Goirid ro dheireadh-seachdain na Càisge, chuir Comhairle Sreap na h-Alba rabhadh làidir a-mach, ag iarraidh air daoine aig nach eil fiosrachadh agus uidheamachd cheart gun a dhol faisg air na beanntan as àirde.
Tha iad ag ràdh gu bheil cho blàth 's a tha an aimsir air a bhith o chionn ghoirid a' fàgail cunnart gun tig tuilleadh mhaoimtean.
A-niste, ann am blog, rinn fear a tha ag obair don Sheirbheis Fiosrachaidh nam Maoimtean-Sneachda, càineadh air dà bhuidhinn de dhithis fhireannach a chaidh faisg air an làraich, far an robh barramhaisean sneachda fhathast a' crochadh.
Thuirt e gun robh a' chiad dithis air bùird-shneachda gun ach aodach samhraidh orra - briogais ghoirid, brògan aotrom agus hudaidh - leis an dàrna buidheann ann an aodach nas fheàrr, ach fhathast le jeans.
Thuirt e gun robh an deagh aimsir agus cho furasta 's a tha e faighinn chun na beinne bhon raon-phàrcaidh, air "daoine gun eòlas beinne" a thàladh ann.