HIAL
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Stailc aig HIAL

8 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh 120 de luchd-obrach tèarainteachd Phuirt-Adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean air stailc aig meadhan-là Dimàirt 's iad ag iarraidh àrdachaidh nan turastail, agus cùmhnantan-obrach nas fhèarr.

Thuirt a' bhuidheann HIAL a tha ruith nam port-adhair nach robh ach Port-Adhair Dhùn Dè dùinte Dimàirt, agus iad dòchasach nach toireadh an stailc, a mhaireas dà là, cus buaidh air an t-seirbheis.

Ach tha an t-aonadh Prospect ag ràdh gur dòcha gu bheil an tuilleadh stailcean air fàire, mar a tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.