Dragh an Uibhist a Tuath mun Hebrides

MV Hebrides Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Thuirt Cal Mac gur ann ri linn droch shìde a-mhàin a bha seirbheisean troimhe-chèile thar a' Gheamhraidh seo chaidh.

Tha eagal ann an Uibhist a Tuath gum faodadh iad a bhith às aonais a' bhàt-aiseig MV Hebrides airson pàirt den Gheamhradh seo a-rithist leis gum biodh Cal Mac airson a cleachdadh air slighean eile nuair a tha bàtaichean eile gan sgeadachadh.

Chaidh ceist a thogail leis a' Chomh. Uisdean Robasdan, agus mòran de mhuinntir nan eilean mì-thoilichte gu bheil an Hebrides air a bhith a' frithealadh slighean eile bho thoiseach na bliadhna.

"An t-seòrsa freagairt a fhuair mi, bha e mar gum biodh ag ràdh gum biodh an Hebrides a' frithealadh nan slighean eile nam biodh na h-aiseagan aca fhèin a-staigh a' faighinn obair-càraidh," thuirt Mgr Robasdan.

"Agus mar sin chanainn, a' leughadh eadar na loidhnichean, gum bi sinn a' call an Hebrides fad trì mìosan, agus air a' Gheamhradh seo cha d' fhuair sinn air ais i fhathast.

"Tha i air a bhith gar dìth suas ri ceithir mìosan, agus mar sin 's e gnothach gu math gu math draghail a th' ann dhan choimhearsnachd uile ma tha sin a' dol a thachairt," thuirt e.

Thuirt neach-labhairt bho Cal Mac gur ann air sgàth droch shìde a-mhàin a bha na seirbheisean troimhe-chèile air a' Gheamhradh seo chaidh air feadh iomadh sgìre den lìonra aca.

Thuirt e cuideachd, nach eil co-dhùnadh air a dhèanamh fhathast air càite am bi bàtaichean-aiseig air an cur fad an ama sgeadachaidh.