Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Taghadh Coitcheann

Thuirt na Làbaraich nach eil brìgh sam bith ann an casaid Thòraidhich gun cleachdadh Ed Miliband siostam dìon niuclasach Bhreatainn mar inneal barganachaidh ris an SNP. Tha na Tòraidhean ag ràdh gun togadh iad ceithir bàtaichean-aigeann Trident ùra nan deadh an taghadh a-rithist. Tha na Làbaraich a' gealltainn gun glèidheadh iad dìon niuclasach aig muir, agus tha iad a' dol às àicheadh gun dèanadh iad aonta leis an SNP, a th' airson cur às do Trident. Tha na Lib-Deamaich ag iarraidh nas lugha de bhàtaichean-aigeann Trident.

Tubaist na Làraidh-sgudail

Bidh Àrd-Neach-Lagha na h-Alba, Leslie NicThòmais, os cionn an rannsachaidh mu thubaist na làraidh-sgudail ann an Glaschu. Tòisichidh an rannsachadh FAI aig Cùirt an t-Siorraim ann an Glaschu air an 22na là den Iuchar. Chaidh sianar a mharbhadh agus deichnear a leòn nuair a bhuail an làraidh-sgudail annta ann am meadhan Ghlaschu anns an Dùbhlachd an-uiridh. Thuirt Oifis a' Chrùin mar thà nach tèid duine a chur fo chasaid.

Ola an Weald

Thuirt a' bhuidheann UK Oil and Gas Investments gum faodadh cho mòr ri 100bn barraille ola a bhith fon talamh ann an ceann a deas Shasainn ann an sgìre an Weald eadar Surrey agus Sussex. Thuirt a' chompanaidh nach gabh e uile toirt am bàrr. Thuirt iad gu bheil iad den bheachd cuideachd nach fheumadh iad an dòigh tollaidh chonnspaideach ris an canar Fracadh a chleachdadh.

Stailc HIAL

Tha stailc dà là aig luchd-obrach tèarainteachd aig Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' tighinn gu ceann aig meadhan là an-diugh gun sgeul air aonta. Dh'iarr HIAL (Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean) an-dè air an aonadh Prospect tilleadh às ùr gu còmhraidhean nach do shoirbhich an t-seachdain seo chaidh. Thuirt Prospect nach tachair sin gus an cuir HIAL molaidhean ùra mu an coinneimh airson chùmhnantan-obrach agus pàigheadh nas fheàrr.

Clàr-ama Chal Mac

Tha dragh ann mu chlàr-ama Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn air a' Gheamhradh seo. Chuir Cal Mac dreach den chlàr-ama gu comhairlichean airson beachdan fhaighinn bhuapa, agus an dèidh sin fhaicinn tha dragh air fear de chomhairlichean Uibhist a Tuath, Uisdean Robasdan, gun tèid am fàgail a-rithist le bàtaichean eile seach an Hebrides mar a thachair air a' Gheamhradh seo. Agus thog an Comh. Dòmhnall Manford ceist mun t-seirbheis eadar an t-Òban, Bàgh a' Chaisteil agus Loch Baghasdail. Thuirt esan gun toir an clàr-ama droch bhuaidh air gnìomhachas ionadail agus air luchd-siubhail.

An Co-op

Thill buidheann a' Cho-operative gu prothaid. Rinn an Co-op prothaid de £124m an-uiridh an dèidh call de £254m a' bhòn-uiridh. Ach thuirt Cathraiche na buidhne, Ailean Leyton gum bi ùine ann fhathast mus fhaigh buill riadh air na h-earrainnean.