Teine mòr faisg air Dòrnach

  • Air fhoillseachadh
Mapa cunnart nan teintean monaidhTùs an deilbh, Michael Bruce
Fo-thiotal an deilbh,
Thuirt neach-labhairt na Seirbheis Smàlaidh gum mair an t-suidheachadh gu Diluain 13mh an Giblean.

Tha coig sgiobaidhean smàlaidh a' stri ri smachd fhaighinn air teine mòr monaidh faisg air Dòrnach ann an Cataibh.

Na bu tràithe Diardaoin sgaoil Seirbheis Smalaidh na h-Alba rabhadh mu theintean monaidh, is coltas gum bi an aimsir nas tiorma anns na làithean a th' air thoiseach.

Tha fraoch agus pìosan craoibhe air tiormachadh gu mòr an t-seachdain seo, agus tha e mòran nas fhasa do theine a ghabhail.

Thuirt neach-labhairt gum mair an t-suidheachadh seo gu Diluain seo tighinn, 13mh an Giblean.