Smàladairean a' strì ri teintean air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Tha sgiobannan smàlaidh air a bhith a' dèiligeadh ri teine mòr sa mhòintich faisg air Dòrnach ann an Cataibh.
Chuireadh còig innealan chun na làraich Diardaoin, a tha faisg air ionad giollachd uisge, far an robh feurach agus connasg na smàl.
Tha luchd-smàlaidh cuideachd a' dèiligeadh ri teintean faisg air Siabost ann an Leòdhas, agus faisg air Omhanaich ann an Loch Abar.
Na bu tràithe Diardaoin sgaoil Seirbheis Smalaidh na h-Alba rabhadh mu theintean monaidh, is coltas gum bi an aimsir nas tiorma anns na làithean a th' air thoiseach.
Tha fraoch agus pìosan craoibhe air tiormachadh gu mòr an t-seachdain seo, agus tha e mòran nas fhasa do theine a ghabhail.
Thuirt neach-labhairt gum mair an t-suidheachadh seo gu Diluain seo tighinn, 13mh an Giblean.