MV Hebrides
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh mu chall an Hebrides

10 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha a-nise còrr is trì mìosan bho chaidh am bàt-aiseig MV Hebrides a thoirt far na slighe eadar Loch nam Madadh, Ùige agus an Tairbeart.

An dèidh do Chal Mac dreach de chlàr-ama a' Gheamhraidh fhoillseachadh, tha dragh air nochdadh ann an Uibhist gum bi iad às aonais an aiseig thairis air mìosan a' Gheamhraidh cuideachd, agus tha cuid a' togail dragh gun cuir seo bacadh air daoine agus gnìomhachas.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.