Seann Eaglais Obar Neithich
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Seann eaglais a' sireadh saor-thoileach

10 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha seann eaglais faisg air Drochaid Neithich a' coimhead airson luchd-obrach saor-thoileach - 'son an togalach a chumail fosgailte.

Cheannaich co-chomann na sgìre an eaglais bho chionn ceithir bliadhna agus i ann an droch staid.

A-nis tha i air a càradh, agus a dorsan fosgailte dhan choimhearsnachd, ach tha feum aca air taic.

Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn ag aithris.