BBC Naidheachdan

Deuchainnean rèidio-beò aig cuaraidh

Published
image copyrightGetty Images
image captionBha bomairean Armstrong Whitworth Whitley stèidhichte aig RAF Chinn Lois aig àm an Dàrna Cogaidh.
Thèid sgrùdadh a dhèanamh air cuaraidh faisg air Inbhir Narann airson dearbhadh a bheil truailleadh ann bho àm an Dàrna Cogaidh.
Tha aithrisean ann gun deach itealain chogaidh a thiolacadh ann an cuaraidh Kingsteps às dèidh a' chogaidh, agus gur dòcha gun robh peanta rèidio-beò air cuid dhiubh.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd, leis a bheil an cuaraidh, gur ann ri linn "aithrisean beòil" gun robh plèanaichean air an tiodhlacadh ann a thèid na deuchainnean a dhèanamh.
'S ann air 18mh agus 19mh den Ghiblean a nithear na deuchainnean.
Tha a' choimhearsnachd airson gum bi cead aca dhol dhan chuaraidh, a tha an ear air baile Inbhir Narann, airson cur-seachad.
Thathas den bheachd gun deach còrr is 1,000 itealan a thoirt às a chèile agus a thiodhlacadh aig RAF Chinn Lois an dèidh a' chogaidh.
Bha bomairean Armstrong Whitworth Whitley am measg nan itealan a bha stèidhichte aig an ionad tron chogadh.