Gearraidhean air Gàidheil na h-Albann Nuaidhe

Suaicheantas Oifis na Gàidhlig Image copyright other
Image caption Tha dithis a-mach às a' chòignear san oifis a' call an cosnaidh ri linn nan gearraidhean.

Fhuair a' Ghàidhlig ann an Albainn Nuaidh buille le dithis a' call an cosnaidh ann an Oifis nan Iomairtean Gàidhlig an sin.

Chan eil ann a-nise ach triùir, agus Catriona Parsons agus Pauline NicDhòmhnaill a' call an obair le gearraidhean farsainn a tha an riaghaltas na mòr-roinne a' cur an sàs.

Chaidh dearbhadh cuideachd gun tèid oifis aca ann am baile Mhàbu a dhùnadh mar phàirt de na gearraidhean, fo an tèid còrr air 300 obair a ghearradh uile gu lèir air feadh riaghaltas na h-Albann Nuaidhe.

Thàinig na gearraidhean air an oifis gun rabhadh, a rèir Cheannard na h-Oifis, Lodaidh MacFhionnghain.

Dùbhlan Mòr

"Bha fhios againn gun robh an Riaghaltas a' coimhead air cosgaisean san fharsainneachd anns gach roinn raobh a-staigh an Riaghaltais, agus cuideachd na cosnaidhean agus na h-oifisean air feadh na mòr-roinne," thuirt e.

"Ach cha robh sinn an dùil ris na gearraidhean a tha seo idir.

"Bidh seo na dhùbhlan mòr gu cinnteach 's gun teagamh sam bith.

"Tha fhios agam gu bheil luchd na coimhearsnachd air an sàrachadh agus feargach mu dheidhinn a' cho-dhùnaidh seo. 'S urrainn do dhuine sam bith sin a thuigsinn.

"Ach feumaidh sinne - an triùir a tha san oifis a-niste - ar dìcheall a dhèanamh gus na seirbheisean agus na prògraman a tha sinn air a bhith a' tairgsinn dhan choimhearsnachd a chumail suas.

"Tha an Riaghaltas a' mìneachadh dhuinne san oifis gu bheil iad taiceil do chànan agus cultar nan Gàidheal, agus san fharsainneachd, anns a' mhòr-roinn againn, tha mu $1m a' dol a-steach do stèidheachdan a tha ag obair air sgàth cànan agus cultair nan Gàidheal.

"Tha Gàidhlig anns na sgoiltean poblach, agus tha buidseat ann an sin ann an roinn an fhoglaim.

"'S mar sin tha an Riaghaltas a' mìneachadh dhuinne gu bheil iad taiceil, ach faodaidh tu tuigsinn gum biodh an fheadhainn taobh a-muigh an Riaghaltais a' faighneachd carson a thachair seo, 's carson nach eil an Riaghaltas a' toirt an aon uiread de thaic 's a bha e?" thuirt e.

Ionndrainn

Tha coimhearsnachd na Gàidhlig san sgìre air am fàgail gu math feargach mu na thachair, agus ag ràdh gun robh iad a' cur meas mòr air an obair a bha an dithis a' dèanamh. Chuir iad ath-chuinge air dòigh an aghaidh a' ghearraidh.

"Chan eil coimhearsnachd na Gàidhlig ro mhòr, ach bha iad a' faighinn taic gu leòr on oifis a tha seo, Oifis na Gàidhlig," thuirt Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain, a tha a' fuireach ann an Albainn Nuaidh.

"Cha bhi iad idir air an dòigh le seo a bhith a' tachairt.

"Gu h-àraid an dithis a tha mi a' cluinntinn a tha a' call an obrach, bha iad air obair mhath dha-rìribh a dhèanamh.

"A h-uile seachdain, bha iad a' cur a-mach litir-naidheachd, a h-uile Dihaoine.

"Niste cha tàinig litir a-mach an t-seachdain seo, agus tha sin fhèin a' sealltainn rudeigin dhut.

"Ach an litir-naidheachd a bha sin, bha i cho math ri litir-naidheachd a bha a' tighinn a-mach bho bhuidhinn Ghàidhlig sam bith as aithne dhomhsa.

"Chan e a-mhàin gun robh e ag innse rudan a bha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig, ach gheibheadh tu cuideachd - bha thu ga fhaighinn air a' choimpiutair - agus bhiodh ceòl is òrain is còmhradh air, a bharrachd air na bha sgrìobhte anns an litir.

"Ma tha rudan mar sin air chall ri linn seo, bidh daoine ga ionndrainn.

"Bha iad cuideachd math air a bhith a' toirt taice dha na buidhnean eile a tha an sàs ann an Gàidhlig, agus a' cur iomairtean air adhart nach robh a' tachairt ron a sin.

"Ach tha e a' cur iongnadh orm ann an oifis a tha cho beag agus a tha an tè seo, agus a bha a' dèanamh adhartais, gun dèanadh iad rud den t-seòrsa seo.

"'S tha mi a' creidsinn, gun caill tòrr de na bha a' faighinn misneachd à Oifis na Gàidhlig, gun caill iad a' mhisneachd a tha sin a-niste," thuirt e.