Dragh mu obraichean ann an Uibhist
- Air fhoillseachadh

Tha coltas gum faodadh seachdnar an obair a chall aig a' chompanaidh smocaidh bhradain Loch Duart ann an Uibhist a Deas.
Chaidh innse dhan luchd-obrach ann an Loch a' Chàrnain an t-seachdain seo chàidh nach tèid an còrr èisg a smocadh, 's gun caill iad an obair nuair a thèid an stoc a th' air fhàgail ann a rèic.
Tha Loch Duart ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh oidhirp an gnìomhachas a chumail anns a' choimhearsnachd.
Naidheachd "ris nach robh dùil"
Thuirt fear de chomhairlichean Uibhist a Deas, Raghnall MacFhionnghain, nach robh dùil sam bith aige-san ris an naidheachd gum faodadh an taigh-smocaidh dùnadh.
"Bha dùil agam-sa gun robh a h-uile sian a' dol taghta, mar a bha aig a h-uile duine eile anns a' choimhearsnachd," thuirt e.
Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil iad a' bruidhinn ri feadhainn anns a' choimearsnachd a dh'fhaodadh an taigh-smocaidh a ghabhail thairis.
'S ann fon ainm Salar a bha an taigh-smocaidh, mus do cheannaich Loch Duart e ann an 2008.
Tha Mgr MacFhionnghain a' dèanamh dheth gur e an deagh chliù a bh' aig an t-ainm Salar a bha a' reic a' bhradain, agus gur e call a bh' ann sin atharrachadh.
Tha e den bheachd gum biodh e gu math duilich dhan choimhearsnachd an taigh-smocaidh a ghabhail os làimhe agus gum biodh obair agus cosgais mhòr na chois.
Thuirt e gum biodh Comhairle nan Eilean Siar, agus buidhnean leasachaidh eile, a' coimhead ris na ghabhas dèanamh airson na h-obraichean a ghlèidheadh.
"Chan eil sinn airson obair sam bith a chall, 's ged nach robh ann ach seachdnar làn-ùine bha tòrr mòr a' faighinn obair pàirt ùine ann," thuirt e.