Iomairt ùr an aghaidh thuathan-gaoithe

Caisteal Urchadain
Image caption Tha a' bhuidheann-iomairt ag ràdh gu bheil còrr is 30 mìle de thuathan-gaoithe air cead iarraidh, neo cead fhaighinn mar-thà timcheall air Loch Nis agus sgìre a' Ghlinne Mhòir.

Tha buidheann-iomairt ùr air sgrìobhadh gu comhairlichean agus Buill-Phàrlamaid Albannach a' chinn a tuath ag iarraidh orra gun an còrr leasachaidhean gaoithe a cheadachadh timcheall air Loch Nis agus sgìre a' Ghlinne Mhòir.

Tha còrr is 100 ball anns a' bhuidhinn "Save Loch Ness & The Great Glen" agus chuir còrr is 2,000 duine an ainm ri ath-chuinge a chuir iad gu Pàrlamaid na h-Alba.

Tha a' bhuidheann a' cumail a-mach gu bheil còrr is 30 mìle de thuathan-gaoithe a' feitheamh air cead neo air cead fhaighinn mar-thà timcheall air an sgìre.

Tha iad ag ràdh nach eil iad an aghaidh leasachaidhean gaoithe anns an fharsaingeachd, ach gum feum iad a bhith suidhichte ann an àitean iomchaidh.

Anns an litir a chuir iad gu riochdairean poileataigeach na sgìre, tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil Loch Nis agus an Gleann Mòr cudromach gu h-eadar-nàiseanta agus airidh air dìon fo shiostam an dealbhachaidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile