Comhairle do luchd-siubhail
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean a' toirt comhairle do luchd-siubhail àite a chur air dòigh dhaibh fhèin air busaichean City Link mus siubhail iad, fhad 's a bhios aiseag Ulapuil a' giùlain luchd-coiseachd a-mhàin.
Bidh an obair air alt-aiseig Ulapuil a' dol eadar an 20mh là den Ghiblean agus an 17mh là den Chèitean.
Ged a bhios an MV Loch Seaforth fhathast a' ruith eadar Steòrnabhagh agus Ulapul dà uair san là, cha toir i leatha ach luchd-coiseachd a-mhàin.
Feumaidh daoine a th' airson carbadan a thoirt leotha an slighe a dhèanamh tron Eilean Sgitheanach 's aiseag a bharrachd a' ruith eadar Ùige agus Steòrnabhagh.
Comhairle do luchd-siubhail
Tha Comhairle nan Eilean Siar a' comhairleachadh do dhaoine a tha gu bhith a' cleachdadh a' bhus airson siubhail eadar Ulapul agus Inbhir Nis àite a chur air dòigh ro làimhe gus nach bi trioblaid ann le cion àitean.
Tha rabhadh ann cuideachd gum bu chòir do dhaoine a tha gu bhith a' siubhail air an aiseag eadar Steòrnabhagh agus Ùige gun chàr, còmhdhail a chur air dòigh mus siubhail iad leis nach eil e dearbhte gum bi clàran-ama an aiseig agus nam busaichean a' freagairt air a' chèile.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh6 An t-Samhain 2014