Tuilleadh sheirbheisean adhair mu thuath

Thig leudachadh air seirbheisean a-mach 's a-steach à Port-adhair Inbhir Nis as t-Samhradh.

Bidh Easyjet a' ruith na treas sheirbheis aca anns an là gu Gatwick gach Dihaoine tron t-Samhradh, agus bidh Flybe a' cur air dòigh seirbheis a bharrachd gu ruige Manchester agus seirbheis làitheil ùr gu Baile Átha Cliath.

Bidh seirbheis ùr cuideachd a' tighinn a-steach a dh'Inbhir Nis à Zurich bhon ath-mhìos.

Thuirt manaidsear a' phuirt-adhair, Graeme Bell, gu bheil iad a' dùileachadh an t-Samhraidh as trainge a bh' aca fhathast.

Tha a' Ghàidhealtachd a-nis nas fhasa a ruighinn, thuirt e, rud a tha na bhuannachd do ghnìomhachas turasachd a' chinn a tuath.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile