"Tairgse foirmeil" bho HIAL

Thuirt Companaidh Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) gun cuir iad tairgse foirmeil air beulaibh an aonaidh Prospect an t-seachdain seo, mar bhunait airson còmhraidhean a thòiseachadh às ùr.

Chùm oifigearan tèarainteachd stailc dà là an t-seachdain seo chaidh 's iad mì-thoilichte mun phàigheadh agus cùmhnantan-obrach aca.

Thuirt Stiùiriche HIAL, Inglis Lyon, gun robh e a-riamh nam beachd dèiligeadh ri draghan an luchd-obrach ach thuirt e nach b' urrainn dhaibh sin a dhèanamh fhad 's a bha iad a' maoidheadh a dhol air stailc.

Bha an t-aonadh air rabhadh a thoirt gum faodadh tuilleadh stailcean a bhith ann mura tigeadh rèite.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile