Cala Global Energy ga thilgeil às

Gàrradh Bhàgh an Eige
Image caption Thuirt Global Energy Group gun toireadh cala ùr cothrom dhaibh an obair a leudachadh gu mòr.

Thuirt a' chompanaidh Global Energy gu bheil e na bhristeadh-dùil mòr dhaibh gun deach am plana 'son cala prìobhaideach a stèidheachadh ann an Linne Chrombaigh a dhiùltadh le Riaghaltas na h-Alba.

Bhiodh am plana air smachd a thoirt do Ghlobal, leis a bheil Gàrradh Bhàgh an Eige, air sgìre fharsaing timcheall air beul Linne Chrombaigh.

Bha a' chompanaidh den bheachd gun toireadh cala cothrom dhaibh obair a bharrachd a thàladh do Bhàgh an Eige.

Thog Ùghdarras Port Chrombaigh draghan mòra mun ghnothach ge-tà is iomagain orra gum biodh smachd ro mhòr aig Global.

Cron

Thuirt an t-ùghdarras gum faodadh cala ùr prìobhaideach cron a dhèanamh air companaidhean eile agus air eaconomaidh na sgìre.

A-nise tha Riaghaltas na h-Alba air an tagradh a dhiùltadh is iad ag ràdh nach robh e laghail fo aon phàirt de dh'Achd nan Acarsaidean.

Thuirt iad ge-tà gum faodadh tagradh eile a bhith air a dhèanamh fo phàirt eile den achd.

Thuirt Còmhdhail Alba gu bheil iad deònach coinneachadh ri Global mun chùis.

Bristeadh-dùil mòr

Dh'aidich Global Energy gur e bristeadh-dùil mòr a th' ann dhaibh gun deach an tagradh a thilgeil às is gur e adhbhar teicniceach a bu choireach.

Chuir iad fàilte ge-tà air cuireadh bho Chòmhdail Alba dhan choinneimh aca.

Rinn Ùghdarras Port Chrombaigh toileachas ri co-dhùnadh an Riaghaltais.

Thuirt iad gun obraich iad còmhla ri Global gus a' chompanaidh a chuideachadh fàs a thoirt air an obair aca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile