Mì-thoileachas an Ìle mun Isle of Arran

MV Finlaggan
Image caption Tha prìomh aiseag Ìle an MV Finlaggan air a bhith a' dol eadar Uibhist, na Hearadh agus an t-Eilean Sgitheanach tron gheamhradh.

Tha luchd-gnothaich an Ìle ag ràdh gun do chaill iad na mìltean notaichean agus gun deach cron a dhèanamh air cliù an eilein às dèidh mar a bhis am bàt-aiseig aig CalMac an MV Isle of Arran aig saor-lathaichean na Càisge.

Tha prìomh aiseag an eilein an MV Finlaggan air a bhith a' dol eadar Uibhist, na Hearadh agus an t-Eilean Sgitheanach tron gheamhradh, mar a thachair roimhe.

Thuirt Cathraiche Turasachd agus Margaidheachd Ìle is Dhiùra, Jack Fleming, nach eil e math gu leòr gun tug an troimh-chèile leis a' bhàt-aiseig uiread de bhuaidh air luchd-tadhail agus gnìomhachasan.

Bha neach-labhairt aig CalMac ag ràdh gu bheil iad duilich gun chaill iad an MV Isle of Arran air sgàth trioblaidean teicnigeach, ach gun rinn iad an dìcheall seirbheisean eile a chur air dòigh.