Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Karen Buckley

Tha poilis ann an Glaschu a' leudachadh rannsachadh airson oileanach air nach eil sgeul. Chan fhacas Karen Buckley, a tha 24 agus a bhuineas do Chorcaigh ann am Poblachd na h-Èireann bho thràth madainn na Sàbaid. Tha na poilis a' ceasnachadh duine a chaidh fhaicinn a' bruidhinn ri Karen air taobh a-muigh club-oidhche air taobh siar a' bhaile.

An Atmhorachd

Thuit ìre na h-atmhorachd sa Mhàrt gu beagan fo neoni - a' chiad uair a-riamh a thachair sin bho chaidh tòiseachadh air clàradh oifigeil anns na 80an. Bha an àireamh oifigeil aig 0%, ach sheall sgrùdadh mionaideachd gun robh e air crìonadh gu 0.03%.

An Taghadh

Tha Dàibhidh Camshron a' foillseachadh manifesto Tòraidh an-dràsta fhèin le gealltanas air leudachadh air an sgeama "right to buy" ann an Sasainn, sgeama ga bheil Riaghaltas na h-Alba a' cur às. Iarraidh Mgr Camshron air luchd-bhòtaidh gun cunnart a dhèanamh dhan adhartas a tha air a bhith ann bho chionn còig bliadhna. Chuir am pàrtaidh Uaine am manifesto air bhonn an-diugh agus iad ag ràdh gun cur iad às do ghearraidhean agus caomhnadh agus gun cruthaicheadh iad millean dreuchd poblach le tuarasdal bith-beò. Tha iad airson cur às do phrìobhaideachd anns an NHS agus ag ràdh gun cuireadh iad an ìre chìse às àirde suas gu 60sg san not.

An Taghadh an Alba

Ann an Alba an-diugh, tha ceannard Albannach nan Lib Deamach, Willie Rennie, a' fagail air na Tòraidhean gur e cleas cunnartach a th' ann dhaibh a bhith a' cur am beannachd ris an SNP airson cron a dhèanamh air na pàrtaidhean mòra eile. Bidh na Tòraidhean ag innse mu thuilleadh chumhachdan do Phàrlamaid na h-Alba. Bidh an SNP ag ràdh gun cuireadh iad beagan a bharrachd airgid ri cosgaisean poblach agus bidh na Làbaraich a' cumail a mach gu fulaing Alba le plana an SNP airson làn smachd air cìsean agus ionmhas.

Taobh Siar na Hearadh

Tha airgead gu leòr a nise aig Urras Taobh Siar na Hearadh an dèidh mìosan de strì agus iomairt, airson ionad coimhearsnachd ùr a thogail. Bidh e ann Horgabost agus tha dùil gun tòisich obair air an ath-mhìos air an toglach a chosgas £1.6m.