Aodach ga ghoid

Cò a chreideadh e?

Is e taghadh neònach a tha seo nuair a tha na Tòraidhean gan cur air adhart mar "fhìor phàrtaidh an luchd-obrach" air là foillseachaidh a' mhanifesto aca.

Ach là às dèidh do dh'Ed Miliband a ràdh gum b' iad na Làbaraich pàrtaidh as còir cliù a chosnadh airson cùram ionmhais, is coltach gum bi againn ri fàs cleachdte ris.

Bliadhnaichean o thòisich an dithis aca mar cheannardan, tha obair aig Dàibhidh Camshron agus Ed Miliband ri dèanamh fhathast airson droch chliù nam pàrtaidhean aca a chàradh.

Ann ceann beagan sheachdainean tha deagh sheans gum bi aig fear dhiubh ris a' cheannas a leigeal dheth.

Chì sinn an uair sin cò a bu shoirbhicheil.

Leisgeul

Leis na cunntasan-bheachd a' cur an dà phàrtaidh cho faisg air a chèile dh'fhaodadh puing no dhà an diofar a dhèanamh.

Mar sin, chan eil na Làbaraich no na Tòraidhean airson leisgeul a thoirt do dhaoine bhòtadh do phàrtaidh eile.

Do na Làbaraich is e an leisgeul sin - anns a' mhòrchuid dhen Rìoghachd Aonaichte co-dhiù - a' choire a fhuair iad, ge ceart no ceàrr i, airson droch stait ionmhais na dùthcha às dèidh an taghaidh ann an 2010.

Chleachdadh aoir Liam Byrne - a dh'fhàg nòta do Àrd Rùnaire ùr an Ionmhais ag ràdh nach robh airgead air fhàgail - mar shlat airson bualadh air na Làbaraich o sgrìobh e.

Às dèidh còig bliadhna a' feuchainn ris an sgeulachd sin atharrachadh tha faclan Ed Miliband a' sealtainn gu bheil na Làbaraich fhathast ga faicinn mar chnap-starra.

Ach 's e 's gu bheil an dà thaobh a' goid aodaich a chèile.

Dragh

'S e cliù nan Tòraidhean mar phàrtaidh nan daoine beartach - pàrtaidh nan uachdaran ann an cuid de dh'àitichean - an rud a chuireas dragh orra, a rèir fianais an là an-diugh.

A' cur air bhog an fhoillseachain acasan an-diugh, dh'fheuch Dàibhidh Camshron ri sin atharrachadh agus e ag ràdh gur iad na Tòraidhean pàrtaidh an luchd-obrach ann am Breatainn.

Tha làn fhios aig a' phrìomhaire nach do bhuannaich am pàrtaidh aige mòrchuid o bha fear à teaghlach àbhaisteach Bhrixton aig an stiùir seach seann ghille Eton.

Mhol e na rinn a' cho-bhanntachd gus faothachadh cìse a thoirt do dhaoine air na tuarsadail a b'ìsle - ged nach cluinneadh guth air na Lib Deamaich a bha air cùl a' pholasaidh.

Agus - a' gluasad bho Mhajor gu Thatcher - thuirt e gum biodh cothroman a bharrachd aig daoine taighean comhairle a cheannachd - rud nach toir buaidh ann an Alba.

Ach 's e a' cheist am bu chòir spèis sam bith a chur anns na foillseachain seo?

Deasbad

Anns na seann làithean, nuair a bha an dà phàrtaidh as motha a' faighinn a' chuid as motha de thaic an luchd-bhòtaidh, bha an luach aca soilleir gu leòr.

Ach mas fhìor na cunntasan-bheachd, cha bhi annta ach toiseachadh tòiseachaidh airson deasbaid eadar na pàrtaidhean às dèidh an taghaidh fhèin.

Tha duilgheadas Nick Clegg a' sealltainn nach gabh an luchd-bhòtaidh ri sin mar leisgeul.

Ach 's e an fhìrinn nach tèid clàr an ath riaghaltais fhoillseachadh gus an bith an sluagh air beachd a thoirt seachad.

Roimhe sin, cuiridh an luchd-poileataigs an t-aodach orra a chòrdas - nam beachdsan - ris an luchd-bhòtaidh.

Chì sinn an aodach ceart às dèidh na bhòt.