Eachdraidh an Deasbaid

  • Air fhoillseachadh
  • comments
Fo-thiotal a’ bhidio,

B' e siud an t-seachdain a bh'ann

An do chòrd na deasbadan ribh thuige seo?

Fad greis, bu choltach nach tachradh idir iad, ach thachair aig a' cheann-thall.

Chan e Dàibhidh Camshron a' chiad cheannard a bha teagmhach mu bhuannachd a leithid de dheasbadan - don dùthaich, no dha fhèin.

Anns an fhilm seo do chlàr ùr BBC Alba, An Taghadh, thug mi sùil air ais air eachdraidh dheasbadan telebhisein thar nam bliadhna.

Bheachdaich mi le Iain Moireasdan air a' bhuaidh a bheir - no nach toir iad - air toradh taghaidh.

'S dòcha gum bi sin nas soilleire nuair a bhios taghadh a' Chèitein seachad.