Aonta air an Fhadhail a Deas

An Fhadhail a Deas Image copyright Mary and Angus Hogg / GEOGRAPH
Image caption Tha Comhairle nan Eilean Siar air a bhith a' beachdachadh o chionn beagan bhliadhnaichean air an dòigh as fheàrr an Fhadhail a Deas a dhìon.

Chuir Comhairle nan Eilean Siar taic ri plana luach £2m gus an Fhadhail a Deas eadar Beinn nam Fadhla 's an t-Iochdar a dhìon bho thuiltean.

Cha tèid iad air adhart ge-tà le moladh 'son drochaid a thogail sa chabhsair, air sgàth dìth ionmhais.

Rinn stoirm mhairbhteach sgrios anns an sgìre ann an 2005 's tha uallach ann gun tèid call a dhèanamh a-rithist mura tèid an Fhadhail a leasachadh.

Fhuair aithisg a rinneadh às dèidh na stoirme gum bu chòir cothrom a bhith aig a' mhuir tighinn a-mach 's a-steach gun bhacadh eadar an dà eilean.

Fuasgladh

Tha Comhairle nan Eilean Siar air a bhith a' meòrachadh air fuasgladh is ged a bha iarrtas air nochdadh 'son drochaid ùr a thogail, chaidh a dhearbhadh gum biodh an leithid ro chosgail.

Chuir an t-ùghdarras taic mar sin ri plana gus suas ri £2m a chosg air an Fhadhal a Deas agus air sgeama dìon bho thuiltean a chur cuideachd ann an sgìrean eile timcheall air.

"Aig na coinneamhan roimhe bha comhairlichean na sgìre a' coimhead airson chosgaisean a thaobh drochaid a dhèanamh sa chabhsair agus fhuair sinn a-mach nam biodh tu a' coimhead air an sgeama sin, gum biodh e a' tighinn suas ri £20m", thuirt fear de chomhairlichean Uibhist a Tuath is Beinn nam Fadhla, Uisdean Robasdan.

"Bhiodh sin an aghaidh cosgais leasachadh a dhèanamh air Eilean a' Ghualainn is cuideachd air coileagan Bheinn nam Fadhla is cuideachd air cùlaibh far a bheil Sgoil Lionacleit. Bha sin a' dol a chosg suas ri £2m.

"Bha diofar mòr eadar an dà sgeama is mar sin dh'aontaich a' Chomhairle a dhol leis an sgeama a bha a' cosg suas ri £2m", thuirt e.

Ionmhas

Thuirt Mgr Robasdan gun robh an aithisg a chaidh mu choinneimh nan comhairlichean air dèanamh soilleir nach tigeadh ionmhas a bharrachd idir dhan Chomhairle airson sgeama na drochaid is nach robh dol às aca ach a dhol air adhart leis an sgeama eile.

Thuirt e cuideachd gu bheil tòrr san sgìre den bheachd gur e tàmailt a th' ann gu bheil an gnothach air a dhol cho fada gun fhuasgladh.

"Sin am faireachdainn làidir a fhuair sinn bho choinneimh san Iochdar bho chionn ghoirid feumaidh mi ràdh, muinntir na sgìre fhèin ag ràdh gun robh e mì-chiatach an ùine a tha seo air a thoirt.

"Tha duilgheadasan ann fhathast a thaobh dèiligeadh ri Riaghaltas na h-Alba is mar a tha an t-airgead a' tighinn a-staigh airson obair air tuiltean an-diugh, tha còmhradh ri dhèanamh timcheall air sin fhathast, ach bhithinn an dòchas gun tachradh rudeigin san aithghearrachd", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo