Làrach airson ospadail ùir sa Ghearasdan?

Ospadal a' Bhelford
Image caption Nuair a dh'fheumas ospadal ùr a thogail sa Ghearasdan, an àite Ospadal a' Bhelford, dh'fhaodadh gur ann air a' Bhlàr Mhòr a bhios e.

Tha NHS na Gàidhealtachd ann an còmhraidhean ri Riaghaltas na h-Alba mu làrach air an robh Tesco an toiseach a' beachdachadh air bùth a thogail sa Ghearrasdan a cheannach.

Chuir Tesco na planaichean aca an dàrna taobh aig toiseach na bliadhna.

Tha am Bòrd Slàinte a-nis a' coimhead feuch an gabhadh ospadal ùr a thogail an àite ospadal a' Bhelford air fearann a' Bhlàr Mhòir.

Dh'fhaighnich Mìcheal Foxley, a tha na bhall den Bhòrd-Shlàinte, aig coinneimh Dimàirt, dè an ìre aig an robh iad a thaobh ùidh a shealltainn ann a bhith a' ceannach na làraich, agus dùil a-niste gu bheil Tesco a' coimhead ri bhith ga reic.

Dh'innis Àrd-Stiùiriche a' Bhùird, Elaine Mead, dhan choinneimh gun deach a' chùis a chur air adhart gu Riaghaltas na h-Alba airson còmhraidhean a thaobh a bhith a' ceannach na làraich airson ospadal ùr a thogail san àm ri teachd.

Thuirt Mgr Foxley gun robh e ciallach a bhith a' nochdadh ùidh ann a bhith a' cleachdadh na làraich seo, seach gu bheil an làrach air a deasachadh gu ìre mhòir mar thà.

Thuirt e gun robhas an dùil gun do chosg Tesco mu £2m air an làraich mar thà.

Bhiodh e cuideachd ciallach thuirt e, leis gu bheil grunn sheirbheisean èiginn air an stèidheachadh san sgìre sin co-dhiù, leithid stèisean nam Poileas agus na carbadan-eiridinn, agus gu bheil dùil gun stèidhichear heileapad ann anns an àm ri teachd cuideachd.