Taic ann an Westford a cheannach

Taigh-seinnse Westford
Image caption Tha dùil gun tig an Westford air a' mhargaidh an ceartuair.

Nochd taic làidir aig coinneimh ann an Uibhist a Tuath 'son taigh-seinnse Westford a cheannach dhan choimhearsnachd.

Thathas an dùil gun tèid an taigh-seinnse air a' mhargaidh ro dheireadh a' Ghiblein.

Bha mu 60 duine aig a' choinneimh phoblaich oidhche Mhàirt is iad a' beachdachadh air am bu chòir dhan choimhearsnachd an togalach a cheannach is dè dhèanadh iad leis.

Chaidh buidheann-stiùiridh a stèidheachadh roimhe gus an gnothach a rannsachadh.

Taic

Ged a bhiodh teansa aca 95% den airgead a bhiodh a dhìth orra fhaighinn tro ghrantaichean, dh'fheumadh iad barrachd na dìreach taigh-seinnse a bhith aca gus cothrom fhaighin air an taic sin.

A rèir choltais, cha bhiodh sin na chnap-starra idir is farsaingeachd de bheachdan gan cur air adhart aig a' choinneimh.

"Bha daoine ag iarraidh biadh agus àite anns am faodadh clann a chluich gu sàbhailte", thuirt Ann Quarm bhon buidhinn-stiùiridh.

"Bha e a-riamh na àite anns am biodh teaghlaichean a' tighinn is bha sinn an-còmhnaidh ag iarraidh sin. Bha daoine ag iarraidh bus no rudeigin mar sin gus am faigheadh iad ann gu sàbhailte.

"Àite far am biodh daoine a' faighinn naidheachdan air dè bhiodh a' dol anns an àite, agus taighean-beaga poblach, nach eil sgeul air gin timcheall air seo", thuirt i.

Dòchasach

Feumaidh a' bhuidheann-stiùridh a-niste a bhith deiseil airson an togalach a dhol air a' mhargaidh ach tha iad dòchasach gun tèid leotha.

"Tha mi a' smaoineachadh gun gabhadh a dhèanamh glè mhath ma tha biadh math ann agus ma tha daoine toilichte 'son clann a bhith timcheall is daoine òga. Chan eil sian ann 'son daoine òga ann a' sheo, bhiodh e glè mhath nam biodh àite gheamannan ann is sgrìon mhòr, gnothaichean mar sineach". thuirt i.

Thuirt fear de chomhairlichean an àite, Neil Peutan, gu bheil fadachd orra a-nise a ghluasad air adhart leis a' ghnothach is e an dòchas an togalach fhaicinn air a' mhargaidh anns na beagan sheachdainnean ri tighinn.

Thuirt Mgr Peutan gu bheil e cuideachd air a mhisneachadh gu mòr.

"An rud as cudromaiche 's e beachd an t-sluaigh fhaighinn ach thionndaidh iad a-mach math is bha beachdan math aca. 'S e ceum air adhart a th' ann", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo