Òrdugh mòr do chompanaidh eileanaich

Fhuair a' chompanaidh Stag Bakeries cùmhnant le Marks and Spencer gus na briosgaidean agus aran-coirce feamad aca a reic.

'S ann an Steòrnabhagh a tha Stag Bakeries stèidhichte.

Thuirt Charlie Dòmhnallach, leis a bheil Stag Bakeries, gu bheil iad air an dòigh leis a' chùmhnant.

Thèid na briosgaidean agus aran-coirce a reic ann an còrr is 400 bùth Marks and Spencer air feadh na dùthcha.

Bidh iad nam pàirt de mheasgachadh ùr de ghnothaichean à diofar phàirtean de Bhreatainn a bhios Marks and Spencer a' cur air adhart.