Oifigear armaichte an Inbhir Nis

Gunna Image copyright Scottish Daily Mail
Image caption Chaidh an dealbh a thogail ann an Stèisean Rèile Inbhir Nis.

Dh'aidich Poilis na h-Alba gun do bhrist fear de na h-oifigearan aca am poileasaidh a thaobh ghunnaichean, is gunna aige na chois.

Chaidh dealbh den oifigear a thogail ann an Stèisean Rèile Inbhir Nis Dimàirt is e a' giulain ghunna-làimhe a dh'aindeoin gealltanais nach biodh poilis a' giùlain ghunnaichean ach ann an suidheachadh sònraichte far an robh cunnart ann do bheatha.

Chaidh am poileasaidh atharrachadh ann an 2013 ach le gearainnean ann às dèidh gun robh oifigearan le gunnaichean air na sràidean gun adhbhar ,chaidh

Dh'aidich na Poilis gun deach am poileasaidh a bhristeadh.

Thuirt e gun deach am poileasaidh a mhìneachadh dha às ùr.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile