Comhairle na aghaidh tuilleadh ghlèidhteachais

Poll Mònach Image copyright Bob Jones / Geograph
Image caption Tha dragh air cuid an tèid casg a chur air mòine a bhuain sna h-Eileanan.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh nach eil iad ag iarraidh an còrr sgìrean glèidhte a chuireadh bacadh air leasachadh eaconamach sna h-Eileanan.

Bha Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich a' beachdachadh air co-chomhairleachadh a tha Dualchas Nàdair na h-Alba a' dèanamh an-dràsta air tuilleadh dìon air talamh mòintich.

"Chan eil sinne an aghaidh bruidhinn ri buidhinn sam bith, ach an eachdraidh a th' againn le feadhainn de na buidhnean, tha iad a' còmhradh rinn, agus mus seall sinn rinn fhìn tha riaghailtean ùra a' tighinn a-steach," thuirt Cathraiche na Comataidh, an Comh. Alasdair Macleòid.

"'S e an cunnart as motha dhan Chomhairle, agus dhan choimhearsnachd, gun cuir seo bacadh air leasachadh eaconamach.

Mòine

"Tha iadsan a' sealltainn ris an àrainneachd ann an dòighean eadar-dhealaichte bhuainn fhìn. Mar eisimpleir dh'fhaodadh tu a ràdh gun cuireadh seo bacadh air daoine a dhol a-mach a bhuain mònadh.

"Agus 's caomh leam fhìn fhathast a dhol a-mach leis an tairsgeir mun tìde seo bhliadhna. Chan eil mi a' buain tòrr mònadh. Tha iomadach duine a' dèanamh sin.

"Ach mus seall thu riut fhèin, thig riaghailtean a-steach gun fhiosta, a dh'fhaodadh bacadh a chur air leasachadh anns an fharsainneachd.

"Uaireannan tha e duilich a dhèanamh a-mach dè tha iad ag iarraidh a thighinn a-mach às a' cho-chomhairleachadh.

"Tha iad ag iarraidh barrachd fiosrachaidh, mar as trice, agus gu math tric tha seo ceangailte ri riaghailtean na Roinne Eòrpa.

"Chan eil e soilleir, ach tha sinne anns an fharsainneachd an aghaidh leasachaidh sam bith a chuireas bacadh air rudan eaconamach - rudan a nì buannachd do dh'eaconamaidh nan Eileanan an Iar.

"Tha sinn a' dol a chur air ais beachd na Comhairle mu dheidhinn rudan mar seo, rud a tha gu math làidir. 'S e nach eil sinn ag iarraidh bacadh a chur air rudan a bheir piseach air, agus a bhrosnaicheas an eaconamaidh againn," thuirt e.