Cùrsa luchd-teagaisg an Steòrnabhagh
- Air fhoillseachadh
Tha cùrsa ùr a' tòiseachadh ann an Steòrnabhagh a tha ag amas air tuilleadh dhaoine ullachadh airson diofar chuspairean a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig.
'S ann do dhaoine aig a bheil Gàidhlig, 's aig a bheil ceum ann an raon farsaing de chuspairean, a tha an cùrsa.
Thathas gu h-àraid ag iarraidh feadahinn aig a bheil eòlas air an t-saoghal obrach.
'S iad Sgoil MhicNeacail, ann an co-bhann ri Colaiste a' Chaisteil aig UHI, a tha a' ruith a' chùrsa.
Piseach luath
"Tha sinn ag amas air daoine aig a bheil ceum, le urram, ann an cuspair sam bith cha-mhòr," thuirt Leas-Cheannard Sgoil MhicNeacail, Aonghas MacIllinnein.
"Gu h-àraid 's dòcha daoine aig a bheil eòlas anns an t-saoghal obrach.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e gu math deatamach gun tòisich sinn a' lorg barrachd dhaoine aig a bheil eòlas ann an saoghal na h-obrach airson tighinn a-steach dha na sgoiltean, 's dòcha a theagasg, o chionn tha sin a' cur ris na th' aca ri thoirt seachad dhan chloinn, saoilidh sinne gu mòr.
"Tha feadhainn ann an seo aig a bheil teaghlaichean sna h-Eileanan, 's nach eil e comasach dhaibh 's dòcha falbh a dh'Obar Dheathain no Glaschu a dh'ionnsachadh, agus bhiodh e gu math inntinneach nam faicte feadhainn aca sin aig a bheil ceum mar thà a' tighinn air adhart airson a' chùrsa.
"Ach tha beàrn mòr ann, agus bha sinne a' lorg dòigh chruthachail air an deadh againn air na h-iarrtasan a bhios ann sna bliadhnaichean a tha ri tighinn airson luchd-teagaisg Gàidhlig ann an sgaoilteachd de chuspairean a chur fa chomhair na cloinne.
"Feumaidh iad a bhith fileanta 's feumaidh iad a bhith an ìre mhath air sgrìobhadh aig toiseach-tòiseachaidh, ach thig piseach gu math math luath le taic bho an dà chuid an sgoil agus an oilthigh, agus le a bhith ga cleachdadh.
"Tha cuideigin againn a th' air ùidh a nochdadh, a tha na h-àrd-ollamh ann am physics.
"Tha cuideigin eile air a bhith ag obair ann an grunn sheòrsa suidheachaidhean a th' airson bith-eòlas a dhèanamh.
"Tha feadhainn a tha ag obair anns na meadhanan an-dràsta. Tha ceathrar no còignear air ùidh a nochdadh anns a' chùrsa mar thà," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 16 An Giblean 2015