Ospadal nan Eilean
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Rabhadh mu leapannan ospadail

17 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha trioblaidean a' leantainn le leapannan ospadail gan cleachdadh le daoine a tha deiseil an t-ospadal fhàgail ach gun chùram sa choimhearsnachd ann dhaibh.

Aig toiseach a' Gheamhraidh, bha còrr air ceithir às gach deich leapannan ann an Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh gan cleachdadh le daoine a bu chòir a bhith fo chùram sa choimhearsnachd.

Ged a tha piseach air tighinn air an t-suidheachadh bhon uair sin, tha fhathast dùbhlan mòr mu choinneimh nan ùghdarrasan, agus coltas ann gur ann nas duilghe fhathast a dh'fhàsas cùisean.