Teine mòr am meadhan Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh
Luchd-smàlaidh a' strì ris an teine.
Bidh pàirt de mheadhan baile Inbhir Nis dùinte dhan phoball gu co-dhiù toiseach na h-ath-sheachdain, às dèidh teine mhòir sa bhaile oidhche Chiadain.
Tha an obair-ullachaidh a nis air tòiseachadh gus an togalach air Sràid na h-Acadamaidh, air an do rinn an teine sgrios, a dhèanamh sàbhailte.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd às dèidh do rannsachadh a bhith air a dheanamh air an togalach, anns an robh bùth aodaich aig ìre na sràide agus gruagaire air a' chiad làr, gun deach dearbhadh gum feumar scafallachd a chur mun cuairt air airson a dhèanamh sàbhailte.
Mar thoradh air an obair a tha seo thuirt a' Chomhairle gum bi Sràid na h-Acadamaidh dùinte eadar Sràid an Aonaidh agus Sràid Màiread do charbadan agus luchd-coiseachd gu co-dhiù toiseach na h-ath-seachdain.
Thathas a toirt rabhaidh do dhràibhearan nach bi e comasach a dhol tro Shràid na h-Acadamaidh, agus gun tèid toirt orra tionndadh air ais ma thig iad a dh'ionnsaigh na sgìre.
Thuirt a' Chomhairle gu bheil iad ag obair leis na Poilis agus luchd-smàlaidh airson feuchainn ri dèanamh cinnteach nach bi ach glè bheag de mhaill air gnìomhachasan agus muinntir na sgìre.
Chaidh fios air na seirbheisean èiginn mu 10:00f oidhche Chiadain.
Bha naoi carbadan an làthair is thug e trì uairean de thìde smachd a chur air an teine le iomagain ann gum faodadh e sgaoileadh gu bùithdean is taighean-seinnse faisg air làimh.
Cha deach duine a ghoirteachadh.
Chunnacas cèo ag èirigh bho mheadhan a' bhaile bho mhìltean mun cuairt.