Taigh-smocaidh gus dùnadh

Caillidh seachdnar an cuid obrach ann an Uibhist a Deas agus e air tighinn am follais gu bheil an taigh-smocaidh bhradan aig Loch Duart ann an Loch a' Chàrnain gu bhith a' dùnadh.

Fuirichidh e fosgailte gus an tèid an stoc a th' ann a reic, agus an obair-rianachd a chrìochnachadh.

Chaidh a' chompanaidh a chur air bhonn mar Salar Smokehouse an toiseach.

Ach a rèir fhir de chomhairlichean Uibhist a Deas, Raghnall MacFhionnghain, chaidh cron a dhèanamh air an cliù nuair a ghabh Loch Duart thairis e o chionn seachd bliadhna.